An Ceòl

Bheir sinn bho chiaradh an fheasgar gu madainn sibh tro nì ris a bheil sinn uile cho cleachdte, ged nach eil dòcha cho eòlach mun deidhinn – na reultan. Nì ‘Beul na h-Oidhche gu Camhanaich’ ceangal eadar seann dhualchas na Gàidhlig agus na tionndaidhean as ùire ann an saidheans is speuradaireachd, an dearbh shaoghal as a bheil Gàidheil òga beò an-diugh.

Na Cleasaichean

An comh-reul Watercolour Music, bidh Màiri Anna NicUalraig agus Nick Turner, an cuideachd seann charaid-ciùil, Finlay Wells, bho chona-ghalacsaigh an Òbain. A’ leum tron iarmailt Ellan Vannin, bidh Ruth Keggin bhon chòmhlan Aon Teanga, agus bidh ar eòlaiche reul-fiosaigeachd, Calum Turner, cuideachd an làthair le fios-saidheans agus a bhios cuideachd a’ brosnachadh an luchd-amhairc gus ar cuideachadh leis a’ chuirm.

Na Sgrìobhaichean

TTha an coimisean àraid seo do dh’fhèis ‘Blas’ air a dhealbh le Màiri Anna NicUalraig bho Watercolour Music. Is e seo son de sreath obrach a’ cruthachadh ciùil agus tachartasan àraid, a’ togail air an t-saoghal mun cuairt oirnn, nam measg ‘Aiseag’, ‘Dubh-Shneachd’, ‘The Deep Sea Light’, agus an obair as a bheil iad an-dràsta a-sàs mar Luchd-ealain Fuaim air Aoigheachd aig Talla-Ciùil Obair Eadhainn.

Gabhar èisdeachd ri ceòl bhon chuirm an seo.

Tha an oidhche àraid seo ag amas air saidheans an latha an-diugh a cheangal ri dulachas nan linntean, a’ dèanamh luaidh air nì a tha mu ar timchioll air Ghàidhealtachd, ach dha nach eil sinn ro-thric a’ toirt aire. Anns a’ cheòl, bidh òrain is fuinn ceangailte ris na h-iarmailtean, agus saoghal ùr ciùil a’ bharrachd, a’ togail air na reultan.